BoroughJobsUK public-sector jobs, mapped to your postcode Match my CV NEW Post a job
Highland Social Care

Support Worker (Early Learning & Childcare) (30 hpw), Gaelic, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, Portree - HGH21631JobsGoPublic

Portree Part time £19,011 - £19,536 a year
Posted 13 November 2026 Closing date 23 November 2026
Checked 31 hours ago · still listed on the employer's site Closes in 4 days · 23 Nov 2026
Duirinish Rail Station (20.5 miles, direct) Aviemore (Strathspey Railway) (90.3 miles, direct) Somerled Square (0.7 miles, direct)

Job Description

Tiotal Dreuchd: Neach-obrach Taice (Tràth-ionnsachadh & Cùram-chloinne)

Àite: Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Uairean: 30 san t-seachdain

Ùine: Maireannach

Tuarastal: £19,011 - £19,536 pa

Mar as trice, bidh am pàigheadh aig a’ chiad phuing dhen sgèile.

Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/

Airson stiùireadh is beachdan mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo

Neach Fiosrachaidh: ​Flora Guidi Post-d: [email protected]

Feumaidh Gàidhlig a bhith aig tagraichean.

Adhbhar Obrach: Obrachadh mar bhall èifeachdach dhen sgioba chùraim-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard gus raon de chleasan brosnachail a lìbhrigeadh ann an àrainneachd shàbhailte a tha a’ coinneachadh ri feumalachdan na cloinne is nan teaghlaichean aca. Nithear an obair a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean is chòdan cleachdaidh Chomhairle na Gàidhealtachd.

Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a tha a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail.

Feumaidh luchd-obrach uile a tha ag obair ann an seirbheisean nan tràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) agus trèanadh barantaichte a ghabhail os làimh. Tha e mar phoileasaidh aig a’ Chomhairle gun aontaich luchd-obrach a tha ag obair dhan Chomhairle trèanadh a ghabhail os làimh rè ùine.

Requirements

It is a requirement that all staff working in early years services register with SSSC and embark on accredited training. It is Council policy that all staff undertaking employment with the Council agree to undertake such training in due course.

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:

Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.

Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Apply / view full listing →
Want more jobs like this? Upload your CV and see the ones that fit.
Match my CV →
More Social Care jobs in Highland

Support Worker (Early Learning & Childcare) (16hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Ness Castle Primary School, Inverness - HGH21134JobsGoPublic

Highland Council
Inverness Part time £10,139 - £10,419 a year Expires in 4 days More in Highland

Job Description Post Title: Support Worker (Early Learning & Childcare) Location: Ness Castle Primary School, Inverness Hours: 16 hours per week Duration: Fixed Term until 01 July 2027 Salary: £10,139 - £10,419 per annum *Various start times with a 6pm finish, and the children you will be working…

Speech & Language Therapy Services Band 7, Invergordon County Community Hospital - HGH22089JobsGoPublic

Highland Council
Inverness Part time £42,276 - £49,172 a year Expires in 4 days More in Highland

Job Description Post Title: Speech & Language Therapy Services Band 7 Location: Invergordon County Community Hospital Hours: 28.8 hours per week Duration: Fixed Term for 12 months Salary: £42,276 - £49,172 p.a. (£52,845 - £61,466 pro rata) Salary placing will normally be at the first point of…

Autism Practitioners (Support Workers) - 493708JobsGoPublic

Scottish Autism
Inverness Part time £13 an hour Expires in 3 days More in Highland

Autism Practitioners (Support Workers): A-ND Highlands IV2 postcode Salary: £13.45 - £13.67 per hour Hours: Part Time, 12-16 hours per week (inclusive of evening and weekend working, between the hours of 6am & midnight) Please note that we are unable to offer visa sponsorship for this role The…